Cò Sinn?

Se coimhthional de Eaglais Shaor na h-Alba a thann an Eaglais Shaor na Hearadh.  Frithealadh coimhearsnachd Eilean na Hearadh anns na h-Eilean Siar, mar a tha i air a bhi deanamh sìos troimh a h-eachdraidh de chòr air ceud bliadhna gu leth.  Suidhichte anns an t-Òb ann an ceann-a-deas na Hearadh (Càite an lorg thu sinn?) tha sinn a’ lorg a bhi toirt Soisgeul Chrìosd fa chomhair inbhich agus clann.

Se eaglais Ath-leasichte, Soisgeulach and Clèirach a tha annain agus tha sinn a’ cuir an cèill fìrinn seasmhach Soisgeul Chrìosd.  Tha aidhmeil ar creideamh agus geàrr chunntas ar teagasg air a chuir sios ann an Leabhar Aidmheil a’ Chreideamh, aideachadh coitchionn ar n-Eaglais nàiseanta.  Faodar seo a leughadh ann an Gàidhlig (Leabhar Aidmheil a’ Chreideamh) neo ann am Beurla (Westminster Confession of Faith).

Se an t-Urr. Ruairidh Mac’Illeathain ministear a’ choimhteanail o chaidh a shuidheachadh sa choimhthinal san Lùnasdal 2007.  Tha trì èildearean anns a’ choimhtional agus aon èildeir-cuideachaidh air an ceangal ris a choimhthionail leis a’ Chlèir.  Domhnall Thormaid Mac’Illeathain, An t-Òb; Aonaghus Mac a’ Phiucair, An t-Òb; Iain Moireasdan, An t-Òb; Alasdair Sheòrais MacFhionghainn, Crosbost.

Blog at WordPress.com. | Ùrlar: Pool le Borja Fernandez.
Entries and beachdan inbhirean.

Follow

Get every new post delivered to your Inbox.