Eachdraidh

Tha Eaglais Shaor na Hearadh air a bhi ann am bith bho 1843, ged nach ro cead gairm ministear aca gu 1849.  Roimh an àm sin (1845) bha ceisdear air a shuidheachadh sa pharaisde.  Airson gu robh am paraisde cho mòr, còr air 4000 neach, chaidh a roinn ann an 1848.  Glèidh an coimhthional gu deas an ainm agus ghabh an coimhthional san Tairbeart ainm a bhaile sin.  Ann an 1900 chaidh a chuid mhòr de choimhthional Eaglais Shaor na Hearadh a steach dhan aonadh, an Eaglais Shaor Chlèireach Aonaichte, agus chaidh iad sin a steach dhan Eaglais Stèidhicte ann an 1929.  Cha do dh’fhan ach 30 de na buill, agus buidheann eile de luchd leantainn, anns an Eaglais Shaor.  Ghlèidh iad an ainm ach cha do ghlèidh iad na togalaichean agus mar sin bha iad a siorradh talamh, ni a chaidh a thoirt dhaibh leis an uachdaran, Earla Dhuinmhoire.  Chaid dà phasgan talamh a thoirt dhaibh, aon anns an t-Òb agus an fhear eile ann a Mànais agus orra seo chaidh eaglaisean a thogail.  Chaidh an dà eaglais a chriochanachadh ann an 1909, ach bha a’ chuid mhòr de na seirbheisean air an cumail anns an t-Òb gus mu dheireadh an do sguir na seirbheisean ann a Mànais gu tur.  Chaidh an togalach agus an talamh ann am Mànais a reic ann an 2008.

Tha eachdraidh Eaglais Shaor na Hearadh dol air ais iomadh bliadhna ach tha i fhathast lorg mar a bha i on toiseach a bhi a’ cuir an cèill fìrinn an t-Soisgeul do shluagh na Hearadh.

Faigh bloga air Wordpress.com.
Entries agus beachdan feeds.

%d bloggers like this: