Co ris a tha iad coltach?

Seirbheisean Sàbaid:

Tha na seirbheisean againn traidiseanta ann an stoidhle, ach tha sinn ag amas air brìgh nas mò na air stoidhle.

Tha na seirbheisean againn air an stèidheachadh tiomchioll air Facal Dhè.
Tha ar seinn o na Sailm Ghàidhlig, Sailmeadair Beurla Albannaich (1650) agus ‘Sing Psalms’, rannaigheachd ùr an Eaglais Shaor de na Sailm.

Tha sinn a’ leughadh on ‘New King James Version’ anns na seirbheisean.  ‘S ann air na leughaidhean a bhios an t-searmon a leanas an dèidh sin air a stèidheacadh.  Tha sinn a’ creidsinn gu bheil searmonachadh air leth cuidthromach ach feumaidh e bhi air a cho-chumadh le Facal Dhè air dhòigh agus gur e fìrinn Focal Dhè a bhios air a chuir an cèill agus chan e smuaintean dhaoine.

Tha sinn creidsinn gu bheil “Facal Dhè beò agus cumhachdach, agus nas geura na claidheamh dà fhaobhair air bith, a’ ruigheachd eadhon chum eadar-sgaraidh an anama agus an spioraid, agus nan alt agus nan smear, agus a’ toirt breith air smuaintean agus rùnaibh a’ chrìdhe,”(Eabh. 4.12) agus mar sin mar as mò a tha sinn fo èisdeachd an Fhacal gur ann as fheàrr.

Coinneamh Seachdainach:

Tha a’ choinneamh seachdainach gu math coltach ris na seirbheisean air an t-Sàbaid ach a thuilleadh air sein Sailm, leughadh o na sgriobtuirean agus searmon, bi buill fioran a’ choimhthionail air an gairm gu bhi treòrachadh ann an ùrnuigh.

Cruthaich làrach-lìn no bloga an-asgaidh air WordPress.com.
Entries agus beachdan feeds.

%d bloggers like this: